Land Acknowledgment
'S e co-chruinneachadh do chruinneachaidhean bho thaighean-tasgaidh air feadh na h-Albann Nuaidh a th' ann an NovaMuse. Tha e air a stiùreadh le Comunn Taighean-Tasgaidh na h-Albann Nuaidh.
'S ann air tìr dhualchasach neo-ghéillte nam Miogmath a tha taighean-tasgaidh na h-Albann Nuaidh. Tha CTAN agus na taighean-tasgaidh an luib NovaMuse a' cur luach mhóir air a' chothrom a bhith a' fuireach is ag ionnsachadh air an tìr seo le spéis dha chéile is buidheachas.
Air sàilleibh 's taobhachdan siostamach eachraidheil, chan eil taighean-tasgaidh an latha an-diugh a' riochdachadh na dh'fhiosraich muinntir na h-Albann Nuaidh air fad. Tha call cànain agus colonachadh aithne cultaraich ann an coimhearsnachdan Mi'kmaw, Afraganaich na h-Albann Nuaidh, Acadianach, agus Gàidhealach air adhbharachadh riochdachaidhean mì-choileanta is neo-chruinn do dhiofar chultaran.
Bu tric nach robhar eachdraidhean mu Thùsanaich, Alba Nuadh mar àite-breith do làthaireachd Afraganaich ann an Canada fad còrr is 400 bliadhna, a' gabhail a-steach tràilleachd agus cur ás do thràilleachd, agus dreuchd nam boireannach, daoine dathte, daoine LGDT+, agus fògarraich is eilthirich air ùr thighinn air a bhith ruigsinneach, neo air an riochdachadh mar bu chòir. Tha sinn—CTAN, taighean-tasgaidh, agus an coimhearsnachd dhùthchasach 's an fharsaingeachd—ag obair air na dùbhlain seo còmhla. Le goireasan mar NovaMuse, tha sinn ag obair leis na coimhearsnachdan los gum bi na naidheachdan seo air an innse. Tha sinn a' cruthachadh àitichean agus co-chruinneachaidhean anns am faic gach neach ann an Albainn Nuaidh am faileas.